Tubaist rathaid air Taobh Sear Rois

Chaidh boireannach agus triùir chloinne a thoirt dhan ospadal às dèidh dhaibh a bhith ann an tubaist rathaid air Taobh Sear Rois anns a' mhadainn Diluain.

Thachair an tubaist, anns an robh dìreach aon charbad, air a' Bh817 eadar Baile Eòghainn agus Alanais mu 09:15.

Thuirt na poilis nach eil iad a' smaoineachadh gun deach am boireannach no a' chlann a ghoirteachadh ach gun deach an toirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir gus an deigheadh coimhead riutha.

Chaidh an rathad a dhùnadh às dèidh na tubaiste, ach tha e fosgailte a-rithist a-nis.