An Teachdaireach Thòraidheach
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Air fhoillseachadh
Rach air ais do na sgìrean agaibh agus ullaich airson...còig bliadhna eile air na beingean dùbhlanach.
Chan e teachdaireachd àbhaisteach a tha seo bho cheannard poileataigeach trì seachdainean ro thaghadh.
Ach is e sin - cha mhòr - a tha air còmhdach foillseachan nan Tòraidhean a chaidh a chur air bhog ann an Glaschu an-diugh.
Na bhroinn, cuiridh Ruth Davidson i fhèin air adhart mar cheannard làidir nan dùbhlanach, agus i ag aideachadh nach eil mòr-chuid de dh'Albannaich airson a faicinn aig Taigh a' Bhòid às dèidh a' Chèitean.
Ach nach e sin adhbhar an taghaidh seo, prìomh mhinistear agus riaghaltas ùr a thaghadh?
A bheil Ruth ag aideachadh gun do chaill i mus do bhòt duine sam bith?
Roghainn
Chan e agus chan eil.
Gu foirmeil bidh an luchd-bhòtaidh a' taghadh Pàrlamaid ùir - is i a' Bhanrigh a chuireas am prìomh mhinistear na dreuchd (an turas-sa tha triùir de na tagraichean nam boireannaich), às dèidh dhi taic fhaighinn bhon Phàrlamaid.
Agus gu poileataigeach chan eil Ruth Davidson ach ag ràdh gu poblach na tha a h-uile duine a' cantainn co-dhiù - gu bheil an SNP air thoiseach anns na cunntasan-bheachd agus cha choltach gun tèid na Tòraidhean seachad orra.
Ach chan eil ri ràdh gu bheil a h-uile roghainn aig an taghadh seo dèanta mar thà.
Am beachd Ms Davidson, tha e ceart cho cudromach gu bheil buidheann làidir de dhùbhlanaich a chumas an riaghaltas fo smachd.
Agus their i gum biodh na Tòraidhean na bu treasa anns an dreuchd sin na pàrtaidh sam bith eile.
Cnap-starra
Tha sgiopa Ruth ag amas air a' phàrtaidh Làbarach agus air an luchd-taic aca - an fheadhainn nach do thrèig iad aig reifreann 2014 agus taghadh 2015.
Ach tha làn fhios aca gu bheil cnap-starra nan aghaidh.
Aidichidh Ms Davidson gur e "ceum mòr" a bhios ann do chuid taic a chur ris a' phàrtaidh aicese.
Ach tha i an dòchas gun toir buannachd an reifrinn deagh bhuaidh orrasan.
Gus am faigh iad a' bhuannachd sin, feumaidh iad aire an luchd-bhòtaidh a chumail air ceist na neo-eisimeileachd, agus toirt orra creidsinn gu bheil a' cheist sin nas cudromaiche na seann nàimhdeas eadar dearg agus gorm.
Agus, às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh anns an reifreann, carson nach dèanadh iad an dìcheall tionndadh chun na ceist air an robh iad air taobh a' mhòr-shluaigh?
Aire
Mar sin, is e diùltadh dàrna reifrinn a' chiad ghealltanas a gheibh aire anns an fhoillseachan aca.
Ma thionndaidheas sibh an duilleag is e cumail smachd air an SNP a tha anns an dàrna àite.
Tha sgiopa Ms Davidson den bheachd gu bheil daoine ann a b' fheàrr leotha bhòtadh airson Ruth na airson a' phàrtaidh aicese.
Is i a' cheist cia mheud dhiubh a bhios deònach sin a dhèanamh.
Nan goideadh na Tòraidhean an dàrna àite bho na Làbaraich is e latha mìorbhaileach a bhiodh ann dhise - agus mòr-thubaist do Kezia Dugdale.
Tha dùbhlan mòr ron dà phàrtaidh anns na trì seachdainean a tha air fhàgail.