Caisteal Mhìogharraidh gu bhith deiseil

Caisteal Mhìogharraidh Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Thèid Caisteal Mhìogharraidh ann an Àird nam Murchan fhosgladh mar thaigh-òsta spaideil an ath-mhìos.

Thug an obair leasachaidh, a chosg còrr air £2m, dà bhliadhna.

Chaidh an caisteal, a tha dìreach air oir a' chladaich an Cille Chòmhghain, a thogail anns an 13mh Linn.

Tha e air a bhith falamh airson 150 bliadhna.

Nuair a thòisich an obair o chionn dà bhliadhna bha na ballachan a' tuiteam agus cha robh mullach air.

Chaidh grunnan rudan inntinneach a lorg nuair a bha an obair ga dèanamh, nam measg, graffiti aosmhor agus seapail beag a chaidh a dhùnadh bho chionn timcheall air 500 bliadhna.