Corp ga lorg an Lunnainn

Gòrdan Semple Image copyright Gordon Semple

Thuirt poilis ann an Lunnainn a bha a' rannsachadh mar a chaidh fear de na h-oifigearan aca a dhìth gun robh iad air corp a lorg agus fireannach a chur an grèim.

Chaidh PC Gòrdan Semple, a bha 59 agus a bhuineadh do dh'Inbhir Nis, fhaicinn mu dheireadh mu 3:00f Dihaoine 1mh an Giblean faisg air Drochaid Lunnainn.

Bha e air a bhith aig coinneimh co-cheangailte ri obair aig Taidh-òsta Shangri-La aig togalach an Shard.

Chuir a chèile fios air na Poilis air an oidhche nuair nach tàinig e dhachaigh nuair a bha dùil ris.

Fhuair an sgioba poilis a bha os cionn an rannsachaidh lorg air corp feasgar Diardaoin.

Ged nach deach an corp ainmeachadh fhathast, tha na Poilis air fios a leigeil gu teaghlach a' chonnstabail.

Thuirt neach-labhairt nam Poileas gun deach fear aois 49 a chur an grèim fo amharas muirt, agus gu bheil sgrùdadh foreansach ga dhèanamh air togalach ann an Southwark ann an Ear-Dheas a' bhaile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo