Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-imrich

Chaidh a' chiad fheadhainn den luchd-imrich a chur air ais dhan Tuirc à a' Ghrèig an-diugh fon aonta chonnspaideach dhan tàinig an t-Aonadh Eòrpach. Dh'fhalbh dà bhàta leotha à Eilean Lesbos anns a' mhadainn. Cha robh an fheadhainn a bh' air bòrd air comraich iarraidh gu h-oifigeil, no chaidh sin a dhiùltadh dhaibh. Chaidh buidheann fhògarrach à Siria a chur dhan Ghearmailt an-diugh mar phàirt den aonta sin.

Imreachd a Bhreatainn

Thèid figearan ùra mun àireamh dhaoine a thàinig a dh'fhuireach ann am Breatainn bhon chòrr den Aonadh Eòrpach fhoillseachadh dìreach mìos ron referendum air àite Bhreatainn anns an AE anns an Ògmhios. Tha dragh air Buill-Phàrlamaid mun diofar a rèir choltais a th' eadar an àireamh a th' ann an-dràsta - beagan nas lugha na millean bho 2010 - agus an àireamh de chàirtean Àrachais Nàiseanta a chaidh fhoillseachadh.

Panama

Chaidh a' chompanaidh lagha Mossack Fonseca às àicheadh gu bheil iad a' dèanamh dad ceàrr, ged a chaidh fiosrachadh a sgaoileadh gun fhiosta dhaibh a' sealltainn gu bheil iad air a bhith a' cuideachadh dhaoine beartach agus cumhachdach air feadh an t-saoghail le a bhith a' falach airgid agus a' seachnadh chìsean. Tha a' bhuidheann, a tha stèidhichte ann am Panama, ag ràdh gu bheil iad air a bhith ris an obair seo bho chionn còrr is 40 bliadhna, agus nach do ghearain duine riamh roimhe. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Phillip Hammond, gu bheil esan an dòchas gun cuir seo stad air feadhainn a tha a' briseadh nan riaghailtean.

Stàilinn

Tha na h-aonaidhean a' coinneachadh ann an Lunnainn an-diugh 's iad a' feuchainn ri gnìomhachas stàilinn Bhreatainn a shàbhaladh. Dh'innis Tata Steel an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad am beachd na h-ionadan aca gu lèir ann am Breatainn a reic no a dhùnadh.

Murt Inbhir Nis

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' dol bho dhoras gu doras agus iad a' rannsachadh muirt boireannaich ann an sgìre Bhaile a' Chnuic an t-seachdain seo chaidh. Chaidh corp Ealasaid NicAoidh, a bha 60 bliadhna de dh'aois, fhaighinn na dachaigh Diardaoin seo chaidh.

Brìbearachd

Dh'aontaich companaidh ann an Glaschu càin de chòrr is £2m a phàigheadh an dèidh dhaibh brìbearachd a thoirt am follais taobh a-staigh na companaidh. Bha a' bhuidheann Braid amharasach mu dhà chùmhnant ann an 2012, agus thug iad fhèin a' chùis gu aire Oifis a' Chrùin. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' cur poileasaidh ùir an sàs gus nach tachair a leithid a-rithist.