Rannsachadh muirt ann an Inbhir Nis

Cùirt Chìnn t-Sàile Image copyright NORTHPIX

Tha poilis air rannsachadh muirt a thòiseachadh às dèidh do bhoireanach bhith air a faighinn 's i marbh aig taigh anns an robh murt eile bho chionn 10 bliadhna.

Chaidh an corp aig Ealasaid NicAoidh, no Muir, a bha 60, a lorg aig taigh an Inbhir Nis Diardaoin.

'S e an aon taigh anns an deach an corp aig a' ghruagaire Ilene O'Conner, 39, a lorg ann an 2006.

Chaidh Brian Grannd, 50, a chur dhan phrìosan ann an 2007 airson Ms O'Connor a mharbhadh 's a tiodhlaiceadh anns a' ghàradh.

Fhuaireadh an corp aig Ms NicAoidh timcheall air 4:45f Diardaoin aig an taigh an Cùirt Chinn t-Sàile.

Fuil air an làr

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil "rannsachadh mòr" air tòiseachadh mu a bàs.

A bharrachd air a bhith a' sgrùdadh dhealbhan CCTV, thathas a' rannsachadh bho dhoras gu doras.

Thuirt an Det. Con. Insp. Keith Hardie: "Tha sinn aig ìre gu math tràth leis an rannsachadh, 's tha mi a' dèanamh tagraidh ri duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air Ealasaid fhaicinn sna làithean suas gu Diardaoin.

"Chaill am boireanach seo a beatha, agus feumaidh sinn dealbh a dhèanamh den t-suidheachadh. Bhrosnaichinn duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air càil amharasach fhaicinn no chluinntinn, fios a chur air na Poilis."

Chaidh a ràdh gur e "boireanach sàmhach, prìobhaideach" a bh' innte, 's thathas a' tuigsinn gun deach a faighinn le lotan, 's gun robh fuil air an làr.

Tha dùil gun robh i a' fuireach na h-ònrachd anns an taigh ann an sgìre Bhaile a' Chnuic an Inbhir Nis.