Eacarsaich mhòr airm gus tòiseachadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, MOD
Fo-thiotal an deilbh,
Tha grunn uidheaman airm an sàs ann an Joint Warrior.

Bidh feachdan armaichte bho 14 dùthaich air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan tron Ghiblean, airson na h-eacarsaich mhòir airm, Joint Warrior.

Tha an eacarsaich ga cumail dà thuras anns a' bhliadhna - as t-Earrach 's as t-Fhoghar.

Tòisichidh e air an 11mh den Ghiblean agus mairidh e chun an 23mh den mhìos.

Bidh 31 soitheach cogaidh 's bàt'-aigeann, 60 itealan agus mu 6,500 saighdear bho NATO an lùib na h-eacarsaich.

Buaidh nah-eacarsaich

Thuirt am Flt Lt. Guy Radcliffe bho RAF Inbhir Lòsaidh gum bi feachdan-adhair a' tighinn bho leithid Canada, a' Ghearmailt, Nirrbhidh, an Tuirc agus na Stàitean Aonaichte.

Thuirt e gu bheil an eacarsaich a' cur grunn dùbhlan mu choinneimh an ionaid - mar eisimpleir gum feum plèanaichean mòra a bhith a' tighinn 's a' falbh bhon raon-laighe ann, a th' air a dhealbh airson itealan nas lugha 's nas luaithe.

Tha an Cabhlach Rìoghail ag ràdh gum bi iadsan an sàs tron eacarsaich ann an uisgeachan an ear-thuath, an iar-thuath agus an ceann a tuath.

Tha iad ag ràdh gum bi a' mhòr-chuid dheth a' tachairt fada a-muigh gu muir, ach gum bu chòir do sheòladairean thoirt fa-near gum faodadh e buaidh a thoirt orra cuideachd.