Sgrùdadh air còmhdach-òir taigh-tasgaidh

Coltas an taigh-tasgaidh fo na planaichean Image copyright Highland Council/Three Sixty Architecture
Image caption Bha mòran air cur an aghaidh a' chòmhdaich òir.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air dàil a chur air plana còmhdhach òir a chur timcheall Taigh-Tasgaidh 's Gailearaidh Ealain Inbhir Nis.

Bha am plana, a chosgadh £500,000, air connspaid mhòr adhbhrachadh, 's na mìltean air ainm a chur ri ath-chuinge na aghaidh.

Bha comhairlichean air aontachadh ris a' chòmhdach aluminium, mus tàinig dearbhadh foirmeil air Aonta Baile Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd.

'S ann bhon stòras sin a thigeadh an t-airgead air a shon.

Ath-sgrùdadh

Tha ceannardan na Comhairle ag ràdh gu bheil iad a-nis a' cur stad air a' phlana rè ùine, ach an tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air.

Thuirt iad gur e beachd an t-sluaigh agus rudan a th' air tachairt san eadraigin a th' air cùl a' cho-dhùnaidh.

Tha Seirbheis Chùirtean na h-Alba am beachd gluasad a-mach à Caisteal Inbhir Nis gu làraich ùir air an deadh Ionad Ceartais ùr a thogail.

Dh'fhàgadh sin gur dòcha gun gabhadh an taigh-tasgaidh a ghluasad dhan chaisteal.

Thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Eilidh Nic IlleMhìcheil, gu bheil e glic ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phlana feuch gum faighear luach an airgid às a h-uile sgillinn a thèid a chosg air meadhan Inbhir Nis a leasachadh.