Companaidh cumhachd ùr dha na h-Eileanan Siar

Meatar Dealain

Dh'fhaodadh luchd-cleachdaidh dealain nan Eilean Siar brath a ghabhail air cìsean dealain gu math nas ìsle ann an ùine nach bi fada.

Tha ùghdarras ionadail na sgìre air companaidh cumhachd neo-eisimileach a chur air dòigh air a bheil Hebrides Energy.

Tha a' chompanaidh glè fhaisg air aonta a ruighinn le aon de na prìomh chompanaidhean dealain san Rìoghachd Aonaichte.

Bochdainn connaidh

Bidh a' chìs ùr ri faotainn an ceann grunn mhìosan agus thuirt Hebrides Energy gur e dòigh a tha seo feuchainn ri ìrean bochdainn connaidh nan eilean a leasachadh.

Tha grunn bhuidhnean eile an sàs anns a' chompanaidh ùir, nam measg Taighean Innse Gall, Urras Steòrnabhaigh, agus Cumhachd Coimhearsnachd Alba.

Thuirt cathraiche Hebrides Energy, Alasdair MacLeòid, gum feumadh iad fios a sgaoileadh am measg an t-sluaigh mu bhith ag atharrachadh chun na cìse ùire.