Cùmhnant airson ionad Hiort

Hiort Image copyright NTS

Chaidh a' chompanaidh ailltireachd Dualchas às an Eilean Sgitheanach, agus companaidh à Nirrbhidh - Reuilf Ramstad (RRA)- a thaghadh airson ionad taisbeanaidh ùr Hiort ann an Ùig' Leòdhais a dhealbh.

Tha Ionad Hiort Eta, a tha os cionn na sgeama, am beachd tuilleadh luchd-obrach fhastadh a dh'aithghearr agus cathraiche na companaidh, Iain Bochanan, ag ràdh gu bheil am pròiseact aig ìre gu math cudromach.

"Anns an Fhaoilleach fhuair sinn companaidh à Lunnainn, Metaphor, airson broinn an togalaich a dhèanamh dhuinn," thuirt e.

"'S e sin a' chiad phàirt de thrì obraichean a tha sinn gu bhith a' deànamh, broinn an togalaich, mòr-dhealbhachadh ailltireach agus cùis ghnothachais fharsainn.

"So 's e seo an dàrna rud a th' againn air a chur a-mach an-dràsta, mòr-dhealbhachadh ailltireach.

"Nuair a chuir sinn seo a-mach gu tairgse fhuair sinn 18 companaidhean air feadh na rìoghachd a' cur sùil ris.

"Thug sinn sin an uair sin sìos gu còig companaidhean.

"Fad an t-siubhail bha sinn a' dèanamh a-mach gun robh an tairgse a chuir Dualchas agus RRA à Nirribhidh a-steach, gun robh e a' coimhead math dha-rìribh.

"Ach na còig a thagh sinn a-mach às an 18 a bh' againn, bha a h-uile gin aca math dha-rìribh.

"Tha Dualchas cho eòlach air na h-Eileanan, agus an t-àite sa bheil sinn a' fuireach, agus bha sin gu math inntinneach dhuinn.

"Ach cuideachd an ceangal a bh' aca ri RRA ann an Nirribhidh. Ma choimheadas sibh air an làraich-lìn aca, chì sibh an t-seòrsa obrach a tha iad a' dèanamh, ag obair ann an àiteachan gu math math duilich.

"Bha sin a' ceangal a-steach air far a bheil sinne gu bhith, air bàrr nan creagan, shuas aig a' Gheòdha Sgoilte, far a bheil sinn a' dol a thogail Ionad Hiort," thuirt e.

Tha dùil gum bi an obair ailltireachd deiseil as t-samhradh, mus tèid a chur gu buidhnean maoineachaidh.

Tha dùil cuideachd gun tèid cruinneachadh "symposium" a chumail san Lùnastal, far am bi a h-uile duine a th' air a bhith an sàs sa phròiseact cruinn.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo cuin a thòisicheas an obair-togail.