Meadhan Inbhir Nis "feumach air airgead"

A' Mhargaidh Bhictòrianach

Bu chòir cuid den airgead a gheibh sgìre Inbhir Nis bho Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte tron Aonta Baile a bhith air a chosg air meadhan a' bhaile, gu h-àraid a' Mhargaidh Bhictòrianach.

Sin a rèir fhir a th' air a bhith ag iomairt airson ath-leasachaidh sa Mhargaidh o chionn ùine, agus grunn de na bùithdean a bh' ann a-nis dùinte.

A rèir Iain West, thathas airson brosnachadh a thoirt do dhaoine òga fuireach air Ghàidhealtachd, an àite a bhith a' gluasad air falbh airson obair.

Chaidh £315m a thoirt seachad mar phàirt de dh'Aonta Baile dha Inbhir Nis agus Roinn na Gàidhealtachd, agus tha grunn bheachdan air nochdadh mun dòigh às fheàrr sin a chosg san sgìre.

Tha grunn gnìomhachasan sa Mhargaidh air a bhith a' strì sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, agus grunn aonadan na bhroinn a-nis falamh.

Thuirt ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, gun tèid èisteachd ri molaidhean sam bith ach gum bi ùine ann mus tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh air mar a thèid an t-airgead bhon Aonta Baile a chosg.