Malaig - Loch Baghasdail a' tòiseachadh

MV Lord of the Isles

'S e Dihaoine a' chiad là den t-seòladh làitheil air an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Dh'fhalbh an MV Lord of the Isles à Loch Baghasdasil aig 07:00m agus i a' dèanamh air Malaig.

Ach 's ann às an Òban a bhios i a' tilleadh feasgar, ma leigeas an aimsir leatha, agus Cal Mac ag ràdh nach eil cidhe Mhalaig freagarrach dhi ann an droch shìde.

Chuir Cal Mac an t-seòladh fo rabhadh Orainds tràth sa mhadainn Diardaoin, agus dùil ri droch shìde. Dhearbh iad feasgar Diardaoin gun seòladh i ge-tà.

Rinn muinntir Uibhist strì fad grunn bhliadhnaichean airson seirbheis eadar Loch Baghasdail agus Malaig, seach an t-Òban.

Chaidh gabhail ris an iarrtas an-uiridh, ach nochd cuid san eilean, gu h-àraid croitearan agus feadhainn a bhios ag obair ann an giùlain bathair agus sprèidh, iomagain gun cailleadh iad cothrom air na margaidhean leis an atharrachadh.