Ceannard ùr air Bòrd na Gàidhlig

Seona NicIllInnein Image copyright Donald MacLeod

Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig gur i Seona NicIllInnein an Ceannard ùr air a' bhuidhinn.

Tòisichidh Seona san dreuchd air 6mh an t-Ògmhios.

Buinidh i do Dhrochaid an Aonachain ann an Loch Abar bho thùs.

Tha còrr is fichead bliadhna de dh'eòlas aice air leasachadh ghnothachasan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Dh'ionnsaich i a' Ghàidhlig, agus tha i an-dràsta ag obair na Stiùiriche Leasachadh Buidhne is Gnothachais aig Sabhal Mòr ostaig.