Bìobhairean fo chunnart

Bìobhair Image copyright Gareth Fuller

Tha na bìobhairean a tha beò ann an Alba fo chunnart, seach nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast air a bheil còir an tilleadh gu àrainneachd nàdarra na dùthcha.

Siud beachd Comann Rìoghail Sù-Eòlais na h-Alba, a th' air sgrìobhadh chun an Riaghaltais ag iarraidh co-dhùnadh air a' cheist.

Bha dùil ri co-dhùnadh air an inbhe aca an-uiridh, ach cha tàinig e fhathast.

Nochd am BBC bho chionn ghoirid gun robh bìobhairean le àl am measg na chaidh a mharbhadh le tuathanaich a bha draghail gum biodh iad ag adhbharachadh thuiltean.