Sgeama nan gèadh ga leudachadh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Getty Images
fo-thiotal an deilbhBha dùil gun tigeadh an spadadh ann an Leòdhas 's na Hearadh gu ceann aig deireadh a' Mhàirt.

Leudaichidh Dualchas Nàdair na h-Alba sgeama a bheir cead do dhaoine ann an Leòdhas 's na Hearadh losgadh air geòidh ghlasa.

Bha dùil gun tigeadh an spadadh gu ceann aig deireadh a' Mhàirt ach cumaidh e a' dol a-nis chun an 16mh là den Ghiblean.

'S e seo an dàrna bliadhna den sgeama, 's a' bhuidheann ionadail a tha ga stiùireadh ag ràdh gu bheil tuilleadh ùine a dhìth airson targaidean spadaidh a choileanadh.

Feumaidh daoine a tha airson losgadh air na h-eòin a bhith clàraichte le Dualchas Nàdair na h-Alba.

Tha croitearan air dragh mòr a nochdadh mun chall a tha na geòidh ghlasa a' dèanamh air tàlamh àitich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh