An treas sgoil Ghàidhlig an Glaschu?

Sgoil Ghleann Dail
Image caption Tha iarrtas mòr airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu

Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' coimhead ris an treas sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Glaschu, ged nach do dh'fhosgail an dàrna tè fhathast.

Tha dùil ris na ciad sgoilearan ann am Bun-sgoil Ghleann Dail ann am Pollokshields aig toiseach a' Chèitein.

Tha connspaid air a bhith ann ge-tà, às dèidh mar a chaidh àite a dhiùltadh do chuid de phàrantan le cloinn a bha a' dol a-steach gu P1 's gun àiteachan gu leòr anns an sgoil airson na bha de chloinn ag iarraidh a dhol innte.

Cluinnidh an fheadhainn dhan deach àite a dhiùltadh - 16 dhiubh - ro dheireadh a' Ghiblein am faigh iad àite anns an sgoil san Lùnastal.

Treas sgoil?

Thuirt Ceannard nan Cànan aig Comhairle Baile Ghlaschu, Gillian Chaimbeul-Thow, gun robh iad a' coimhead ris an treas sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns a' bhaile.

Am measg nam molaidhean, thuirt i, tha gum faodadh a' chiad sgoil air Sràid Bherkeley a bhith air a dèanamh na h-àrd-sgoil a-mhàin, le dà bhun-sgoil ga frithealadh.

Thuirt i gun robh a' Chomhairle airson an ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile