Thòisich obair gus an A96 a dhèanamh dà-fhillte

An t-slighe a chaidh a chomharrachadh airson rathad dà-fhillte eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann Image copyright Còmhdhail na h-Alba

Thòisich obair air pròiseict 20 seachdain a' coimhead ri staid na talmhainn air an t-slighe a chaidh a chomharrachadh airson rathad dà-fhillte eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gum bi siostaman rianachd trafaig a dhìth aig sia dhe na 650 làraich ris am bi iad a' coimhead.

Dh'fhaodadh gun tèid cumhnant luach £50m a thoirt seachad as t-earrach airson rathad dà-fhillte a dhealbh bho àite faisg air Inbhir Narann gu Fachabair.

Tha plana ann airson an A96 gu lèir eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain a dhèanamh dà-fhillte.