Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannairc

Thàinig lùghdachadh air an àireamh de dhaoine a chaidh a chur an grèim fo amharas ceannairc an-uiridh. Uile gu lèir chaidh 280 neach a chur an grèim - sìos 3% air an àireamh airson 2014. Aig a' cheart àm ge-tà, thàinig àrdachadh air an àireamh de dh'òganaich fo aois 18 a chaidh a chur an grèim - suas gu 16 bho deichnear a' bhòn-uiridh.

Am Buidseat

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a bhith a' cur dìon air a' bhuidseat aige bho chasaidean gum feum e cìsean àrdachadh no gearraidhean ùra a dhèanamh ma tha e airson cur às do dh'easbhaidh ionmhais Bhreatainn ro dheireadh na Pàrlamaid. Dh'aidich Mgr Osborne an-dè nach fàsadh eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte cho luath 's a bha e an-dùil, agus gum bi aige ri barrachd airgid a ghabhail air iasad thairis air na còig bliadhna a tha ri teachd. Thuirt an Institiùd airson Sgrùdaidhean Ionmhasail - an IFS - nach robh cothroman an t-Seansalair airson buidseat na dùthcha a chothromachadh ro 2020, ach leth mar leth.

Imrichean

Coinnichidh ceannardan an Aonaidh Eòrpaich anns a' Bhruiseil an-diugh 's iad a' feuchainn ri còrdadh a ruighinn ris an Tuirc mu bhith a' cur stad air in-imrichean a bhith a' seòladh gu eileanan na Grèige. Dh'aidich Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, a bhios os cionn na coinneimh, gu bheil e gu bhith glè dhuilich aonta fhaighinn air a' chùis.

Ankara

Thuirt buidheann radaigeach Kurdach an TAK gur ann leothasan a bha am bomair fèin-mhairbhteach a mharbh 37 duine ann an Ankara Didòmhnaich. Thuirt a' bhuidheann gun robh an spreadhadh mar fhreagairt air na h-ionnsaighean a tha feachdan Tuirceach a' toirt air sgìrean Kurdach ann an ear-dheas na dùthcha.

Tha luchd-smàlaidh a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine ann an togalach tenement air taobh sear Ghlaschu. Tha e air a thuigsinn gu bheil iad air an togalach air Sràid Obar Phuill ann an sgìre Chàrn an Teine fhalamhachadh, agus gu bheil comhair meidigeach ga dhèanamh air fireannach a bh' air ceò a ghabhail air anail.

Muileann Dhàibhidh

Agus tha poilis ann an Dùn Bhreatainn an Ear a' rannsachadh mar a chaidh duine a dhroch leòn an-raoir nuair a chaidh a leagail le càr. Thachair an tubaist goirid às dèidh 7:00f air Muir Road ann am Muileann Dhàibhidh ann an Glaschu. Cha do stad an dràibhear, a bh' ann an càr beag dorcha. Tha na Poilis aig iarraidh air neach sam bith a chunnaic dè thachair a thighinn a bhruidhinn riutha.

Paul Daniels

'S tha luaidh ga dhèanamh air an ùr-chleasaiche Paul Daniels, a chaochail aig aois 77. Bha e air a bhith a' fulaing le aillse eanchainne. Chaidh am prògram telebhisein aige, The Paul Daniels Magic Show, a chraobh-sgaoileadh air BBC 1 fad 15 bliadhna bho 1979 gu 1994.