Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Foillsichidh an Seansalair, Seòras Osbourne, am buidseat aige feasgar. Tha dùil gun tabhainn e barrachd chùl-taic do ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas anns a' Chuan a Tuath, le cùmhnantan baile luach nan ceudan mhilleanan notaichean gan ainmeachadh airson Inbhir Nis agus Dùn Èideann. Tha dùil cuideachd gum foillsich Mgr Osbourne tuilleadh ghearraidhean ann am buidseatan poblach agus àrdachadh ann an cìs a' chonnaidh mar phàirt den phlana aige airson cur às do dh'easbhaidh-ionmhais na Rìoghachd Aonaichte ro dheireadh na Pàrlamaid.

Obraichean

Dh'èirich an àireamh do dhaoine a bha gun chosnadh ann an Alba eadar an t-Samhain agus am Faoilleach. Sheall àireamhan oifigeil gun deach an àireamh de dh'Albannaich a bha gun obair suas 16,000 gu 171,000. Tha ìre cion-cosnaidh na h-Alba a-nis a' seasamh aig 6.1% - sin 1% nas àirde na ìre na Rìoghachd Aonaichte san fharsaingeachd.

Gu nàiseanta, thuit an àireamh do dhaoine a bha gun obair 28,000 gu 1.68m. Tha ìrean pàighidh air a dhol an àird beagan cuideachd - le teachd a-steach luchd-obrach ag èiridh gu 2.1%.

A' Bhruiseal

Tha Poilis na Beilig fhathast a' sireadh dithis fhireannach agus iomairt mhòr an aghaidh ceannarc a' leantainn anns an dùthaich. Chaidh aon duine a mharbhadh agus chaidh ceathrar oifigearan poilis a leòn an-dè an uair a chaidh ràid a dhèanamh air togalach flataichean ann an Foret, deas air a' Bhruiseil. Tha ùghdarrasan na Beilig air an duine a chaidh a mharbhadh ainmeachadh mar Belcaid Mohammed, Algerianach a bh' anns an dùthaich gu mì-laghail. Thuirt neach-labhairt gun deach corp Belcaid a lorg ri taobh bratach na Stàit Islamaich, gunna Kalashnikov agus sgrìobhaidhean co-cheangailte ri ceannarc Muslamach.

Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn

Bhòtaidh Buill Pàrlamaid na h-Alba a-nochd air Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn. Nì am bile nas fhasa e do choimhearsnachdan a bhith a' ceannach talamh, agus thèid còirichean ùra a thoirt do thuathanaich màil. Ach tha cuid do dh'uachdarain air a bhith a' gearainn mun bhile, 's iad ag ràdh gun tèid dì-meas a dhèanamh air na còirichean acasan.

Nigeria

Bhàsaich còrr is 20 neach ann an Nigeria an-diugh an uair a thug bomairean fèin-mharbhteach ionnsaigh orra fhad 's a bha iad ag ùrnaigh ann am mosg ann an Ear Thuath na dùthcha. Thachair an ionnsaigh ann am Maiduguri - prìomh bhaile sgìre Borno - a tha tric air a bhith na thargaid dhan bhuidhinn Islamaich Boko-Haram.