"Roghainnean a bharrachd" mu fo-thiotalan

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Co-labhairt Meadhanan na Gàidhlig

Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA gu bheil teicneòlas ùr a' ciallachadh gu bheil "roghainnean a bharrachd" a' tighinn a thaobh fo-thiotalan air telebhisean.

Bha Dòmhnall Caimbeul a' bruidhinn aig co-labhairt mu chraoladh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann Dimàirt 15mh am Màrt.

Bha riochdairean bhon ghnìomhachas an làthair agus luchd-iomairt a tha ag ràdh gu bheil cus Beurla air BBC ALBA.

Tha Gàidhlig-TV cuideachd a' cur gu làidir an aghaidh fo-thiotalan loisgte air an t-sianail.

Am measg eile, dh'iarr a' bhuidheann aig a' cho-labhairt gum bu chòir thar-ghuthan Gàidhlig a chleachdadh seach Beurla a chraoladh.

Na freagairt dhan mholadh, thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Màiread Màiri Mhoireach, nach robh i den bheachd gum biodh sin iomchaidh.

"Mì-nàdarrach"

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e caran mì-nàdarrach ann an cuid de shuidheachaidhean a bhith a' cur ghuthan Gàidhlig thairis air guthan Beurla, nuair a thuigeas am mòr-sluagh Beurla, 's e cleachdadh neo-àbhaisteach a bhiodh ann an craoladh", thuirt i.

Cha do ghabh luchd-iomairt ri sin, ach dh'fhaodadh gum bi fuasgladh air choireigin air fàire dha na draghan aca a thaobh fo-thiotalan.

Tha Gàidhlig-TV airson is nach bi fo-thiotalan air an sgrìon ach gum bi roghainn ann an cur air. Ghabhadh seo a chur an sàs an-dràsta le bhith a' cleachdadh teicneòlais a tha ann airson fo-thiotalan cion-claisneachd. Tha Gàidhlig-TV ag ràdh nach biodh cosgais mhòr sam bith an cois na dòigh-obrach seo.

Tha MG ALBA airson fo-thiotalan a ghlèidheadh, is iad ag ràdh gum biodh cosgais ro mhòr ann fo-thiotalan roghainneach a chur an sàs, fiù 's ged a gheibheadh iad aonta bho chraoladairean eile an ceum sin a ghabhail.

Dh'innis Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, ge-tà, gu bheil iad a' cumail sùil ghèir air adhartas ann an teicneolas.

"Tha sinn a' feitheamh agus a' putadh airson seo gus am bi roghainn ann na fo-thiotalan a chur dheth, gum biodh iad ann, is an uairsin an cur far an sgrìon.

Teicneòlas

"Mar a tha sinn a' gluasad a dh'ionnsaigh teicneòlais stèidhichte air faidhlichean, air falbh bho theipichean, tachraidh seo an ath-bhliadhna, thig roghainnean a bharrachd a-steach dhar saoghal", thuirt e.

Tha e ri fhaicinn cuin a thig an teicneòlas sin gu BBC ALBA, agus an tèid e fada gu leòr 'son draghan luchd-iomairt a shàsachadh.

Bha faireachdainn ann Dimàirt (15mh), ge-tà, gun deach adhartas a dhèanamh.

"S e rud gu math feumail a bha sa cho-labhairt is gun robh daoine bhon BhBC ag èisteachd", thuirt Aonghas Dubh MacNeacail bho Gàidhlig-TV.

"Sin an rud as cudromaiche, gu bheil an èisteachd ann airson nan gearainean a th' againn.

"Am prìomh ghearan a th' againn, prìomh ghearan nan Gàidheal chanainn, cho gallta 's a tha BBC ALBA anns na làithean a th' ann", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile