Taghadh Chupa na Camanachd

Taghadh Chupa na Camanachd Image copyright Neil G Paterson

Chaidh an taghadh a dhèanamh ann an Inbhir Nis Dimàirt 'son cuairtean tràth Chupa na Camanachd.

'S iad Ailean MacLabhrainn is Uilleam MacIlleathain, a bha nam pàirt den sgioba aig Lòbhat a bhuannaich an cupa ann an 1953, a rinn an taghadh le taic bho Steafan MacCoinnich, a tha dìreach air a dhol air bòrd-stiùiridh Chomann na Camanachd.

Bhuannaich Lòbhat an cupa ann an 2015 'son a' chiad uair bho 1953.

Bha an taghadh mar a leanas:

Ro-chuairt - 2naan Ghiblean

Eilean Bhòid - Inbhir Nis

A' Chiad Chuairt - 7mh den Chèitean

Cabair Fèidh - Gleann Urchaidh

A' Mhanachainn - Eilean Bhòid / Inbhir Nis

Inbhir Aora - Baile a' Chaolais

Celtic an Òbain - Srath Ghlais

Taigh an Uillt - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

Cill Mhàillidh - Obar Dobhair