CnES air faochadh iarraidh do dh'urrasan coimhearsnachd

Càrlabhagh
Image caption Tha a' chosgais a' tighinn air coimhearsnachdan a tha a' ceannach an cuid fearainn às dèidh na h-Achd Croitearachd mu dheireadh.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba faochadh a thoirt do dh'oighreachdan coimhearsnachd bho bhith a' clàradh chroitean air an cuid fearainn.

Tha an t-uallach clàraidh air a bhith doirbh do leithid Oighreachd Chàrlabhaigh bho thàinig an Achd Croitearachd mu dheireadh a-steach.

Feumaidh iad £90 a phàigheadh airson gach croit a chlàradh.

"'S e briseadh dùil mòr a th' ann do dh'urras coimhearsnachd sam bith a tha ag iarraidh fearann a thoirt a-nall dhan roinn phoblaich, gu bheil an cnap-starra seo air thoiseach orra, is cosgaisean mòra air thoiseach orra," thuirt Iar-Chathraiche Comataidh Leasachadh Maireannach na Comhairle, Dòmhnall Crichton.

"Tha sinne, aig an ìre chonaltraidh airson clàradh lotaichean, bha sinn a' cantainn gum bu chòir urrasan a bhith air an cumail a-mach às an rud a tha seo, air sgàth gur e cosgais mhòr a th' ann.

"Bha sinne a' moladh gum bu chòir dhaibh a bhith a' cumail ri moladh Shucksmith, far nach eil deasbad no còmhrstri no cosgais sam bith mu dheidhinn chòirichean airson fichead bliadhna, far a bheil aonta ann.

"Tha sinn an dòchas gum bi an Riaghaltas reusanta agus gun coimhead iad ri seo a-rithist, is nach bi aig coimhearsnachd sam bith ri airgead mòr mar seo a phàigheadh a-mach aig toiseach-tòiseachaidh ceannach an fhearainn aca.

"'S e tòrr airgid a th' ann nuair a tha thu a' toirt a-steach nan lotaichean a bhios ann an oighreachd," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bhon Riaghaltas gur e Clàraidhean na h-Alba a stèidhich a' phrìs airson croit a chlàradh agus nach eil prothaid ga dhèanamh.

Bha an neach-labhairt cuideachd ag ràdh nach gabh cur às dhan chosgais.

Thuirt iad gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh gu bheil croitearachd a' toirt bhuannachdan do sgìrean air an tuath agus gu bheil iad a' toirt taic do chroitearan.