Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Tuirc

Dh' fhàg Riaghaltas na Tuirc air ceannaircaich Curdach gur iad a chuir boma ann an càr ann an Ankara an-dè a mharbh 37 duine. Tha feachdan na Tuirc a-nis air ionnsaighean bhon adhair a thoirt air targaidean Pàrtaidh Luchd-obraich Churdastan - am PKK - ann an ceann a tuath Irac. Tha dithis fo amharas aig na Tuircaich gun do chuir iad am boma - tè aca boireannach anns na ficheadan.

Siria

Thòisich cuairt ùr chòmhraidhean ann an Geneva a dh'fheuchainn ri sìth a dhèanamh ann an Siria. Thuirt eadar-mheadhanair nan Dùthchannan Aonaichte - Steffan de Mistura - gur e an dàrna cuid conaltradh no tilleadh gu cogadh a bha ron dùthaich. Tha luchd-dioplòmasach airson togail air fois-fòirneart a chaidh aontachadh deireadh a' Ghearain 's a a th' air an t-sabaid a chumail sìos gu ìre mhòir.

Cìs adhair

Tha beachd a' mhòr-shluaigh ga iarraidh air planaichean Riaghaltas na h-Alba cìs luchd-siubhail aig puirt-adhair a ghearradh 50%. Tha a' chìs air tè dhen fheadhainn air a bheil Pàrlamaid na h-Alba a' dol a dh'fhaighinn làn smachd. Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson a gearradh eadar 2018 agus 2021. A rèir an Riaghaltais, brosnaichidh sin an eaconomaidh. Ach tha am Pàrtaidh Làbarach an aghaidh an lùghdachaidh. Tha iad ag ràdh gum bu chòir an t-airgead a chleachdadh airson daoine a chuideachadh a' ceannach a' chiad thaigh aca.

Cumhachdan

Tha Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, a' coinneachadh ri ceannardan Comhairle Mhoireibh an-diugh, a bhruidhinn mu na cumhachdan ùra a tha a' tighinn gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha Mgr Mundell ag ràdh gum bu chòir do cho-dhùnaidhean a bhith ann an làmhan choimhearsnachdan air feadh na dùthcha, mar a mhol Coimisean Mhic a' Ghobhainn.

Eileanan

Tha taic fharsaing ann airson feumalachdan sònraichte eileanan na h-Alba a thoirt fa-near anns gach pìos reachdais a thèid tro Phàrlamaid na h-Alba, a rèir aithisg a dh'fhoillsich an Riaghaltas. Fhuair an Riaghaltas cha mhòr 200 freagairt dhan cho-chomhairleachadh aca air Bile ùr nan Eilean - le naoidhnear as gach deichnear dhen bheachd gum bu chòir àite sònraichte a bhith aig na h-eileanan. Tha Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, ag ràdh gun cuidich sin an Riaghaltas a' cur Bile Eileanan ri chèile.

Fearann

Dh' iarr uachdarain air Riaghaltas na h-Alba Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn atharrachadh aig a' mhionaid mu dheireadh. Tha iad an aghaidh mar a bheir an lagh ùr cothrom do thuathanaich màil an cuid fearainn a leigeal seachad do chuidèiginn dhan toil fhèin. Ach tha an Riaghaltas ag ràdh gum feum iadsan còirichean nan tuathanach-màil agus nan uachdaran a chothromachadh. Tha dùil gun tèid am Bile tron Phàrlamaid Diciadain.