Cupa na Lìge an Inbhir Pheofharain

Ross County Image copyright SNS

Thill Cupa na Lìge dhan Ghàidhealtachd 'son a' chiad uair às dèidh dha Ross County a' chùis a dhèanamh air Hibs aig Hampden.

'S e ceum eile a th' ann san turas iongantach a ghabh Ross County bho Lìog na Gàidhealtachd dhan ìre as àirde de bhall-coise na h-Alba.

'S iad a chaidh air thoiseach aig Hampden, Jackson Irvine a' togail air mearachd bho Hibs gus Mìchael Gardyne a bhiadhadh.

Image copyright SNS

Dh'fheuch Liam Fontaine ri stad a chur air ach cha do rinn e ach am ball a chur air truinnsear dha Gardyne, a stiùir dhan lìon e.

Chaidh Fontaine an sàs an uairsin aig ceann eile na pàirce.

Le leathach-slighe a' teannadh dlùth, bhrist am ball thuige às dèidh breab-oisein is thionndaidh e aig oir a' bhocsa gus Hibs a chur co-ionnan.

Image copyright SNS

Bha làmh an uachdair aig Hibs tràth san dàrna leth ach cha do ghabh iad brath air na cothroman.

Bha am ball san lìon aig a' cheann eile an uairsin ach cho-dhùin an rèitear gun robh Brian Greumach air sreap air Oxley aig Hibs is cha do sheas an tadhal.

Le mionaid air fhàgail, ge-tà, fhuair County an tadhal a chuir an cupa a dh' Inbhir Pheofharain.

Image copyright SNS

Cha do dhèilig Fontaine ri ball àrd a-steach dhan bhocsa is cha b' urrainn dha ach am ball a stiùireadh dha Alex Schalk.

Chuir Schalk am ball dhan lìon is a dh'aindeoin gach oidhirp bho Hibs ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama, chrìochnaich an geama 2-1.

Image copyright SNS

Rinn na mìltean a bha air siubhal do Hampden bhon Ghàidhealtachd gàirdeachas is County air a' chiad duais mhòr a bhuannachadh nan eachdraidh.

'S e clach-mhìle a bha sin dhan sgìre gu lèir, le Cupa na h-Alba is Cupa na Lìge a-nise ri chèile air a' Ghàidhealtachd.