Loidhne ùr dealain deiseil

Soitheach a' cur càbaill fon mhuir Image copyright SHE Transmission
Image caption Chaidh 25 mìle den loidhne dealain a chur fon mhuir, le dòchas gun cuir sin dìon air seirbheis dealain na sgìre bho dhroch shìde.

Thathas air crìoch a chur air loidhne dealain ùr do dh'Eilean Arainn is Cinn Tìre trì bliadhna an dèidh mar a thug stoirmean crainn-dealain a-nuas, a' fàgail nam mìltean às aonais dealain.

Tha 25 mìle den loidhne ùr fon mhuir, a' ceangal Cinn Tìre le tìr-mòr Shiorrachd Àir.

Mar a bha dùil chosg am pròiseact £200m, agus chaidh crìoch a chur air a rèir a' chlàr-ama leis an dà chompanaidh air a chùlaibh, Electric Transmission Hydro na h-Alba agus SP Energy Networks.

Bha ìmpidh a bharrachd air ri linn 's gun robh leasachadh tuath-gaoithe ann an Cinn Tìre feumach ceangal ris a' ghriod.

Tha na companaidhean air a chùlaibh ag ràdh gum bi an loidhne ùr nas seasmhachd ann an droch shìde, agus tha na companaidhean cumhachd ag ràdh gum bi seirbheis nas earbsaich aca dha muinntir na sgìre.

Chur comhairlichean fàilte air an naidheachd cuideachd, ag ràdh gu bheil iad an dòchas nach tèid dachaighean fhàgail gun dealan a-rithist mar a thachair ann an 2013.