Dragh mu aiseag stuic Uibhist

An t-Òban Image copyright Jon Royle/Geograph

Caillidh Uibhist an t-seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban an ceann trì seachdainean.

Na h-àite bidh seòladh cunbhalach ann eadar Malaig 's Loch Baghasdal.

Tha gu leòr a' dèanamh gàirdeachais às dèidh strì fhada a dhèanamh air a son, ach tha cuid san sgìre a' toirt rabhaidh gun adhbhraich e duilgheadasan mòra dhaibh.

Tha e gu h-àraidh na dhragh do chroitearan agus do dhaoine a tha a' giùlain bathair agus luchdan mòra.

Drochaidean

"Tha grunn dhaoine air draghan mòra a thogail mu dheidhinn seo," thuirt Dòmhnall Moireasdan bho United Auctions san Òban, a tha a' ruith fhèilltean sna h-eileannan.

"Chan eil mise an aghaidh an aiseig ùir a tha seo eadar Loch Baghasdail is Malaig.

"Tha e riatanach dha na daoine a tha a' dol a chur feum air - ach chan eil e a' dol a dh'obrachadh dhan a h-uile duine ann.

"A thaobh obair-fearainn, an dreuchd sa bheil mise an sàs, chan eil dòigh idir air stoc fhaighinn a-null no a-nall à Uibhist gu ruige an Òbain.

"Chan eil dòigh air stoc a thoirt a dh'Uibhist o na margaidean gu ruige Malaig.

"Tha dà dhrochaid mhòr, agus an treasamh tè ann, ach tha a dhà gu h-àraid.

"An àirde anns na drochaidean sin, inneal sam bith a tha nas àirde na 13'6", chan fhaigh iad fon drochaid.

"Na carbaidean rathaid a tha sinne ag ùsaigeadh airson stoc a thoirt à Uibhist - agus airson luchdan mòra a thoirt às airson a' phrìs a chumail dòigheil - tha iad sin 15'5" de dh'àirde.

Carbadan Mòra

"Gabhaidh làraidhean nas lugha cleachdadh, ach na carbaidean a tha sinne a' cleachdadh an-dràsta, tha iad a' toirt leotha san fharsainneachd 60 beathach-cruidh gach àm.

"Tha sin a' cosg £32 an ceann, stoc a thoirt à Uibhist gu ruige Obar Dheathain.

"Ma tha thu a' dol a lùghdachadh sin an dàrna leth tha e a' dol a chosg £64 an ceann beathaichean a thoirt à Loch Baghasdail gu Obar Dheathain," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn dha nach gabh seirbheis shònraichte a chur air dòigh eadar an t-Òban is Loch Baghasdail, a' cleachdadh an t-soithich a' tha a' frithealadh Bàgh a' Chaisteil, ri linn 's nach fhaigh i air ceangal ris a' chidhe ann, agus nach eil cead aca carbadan mòra stuic a ghiùlain oirre.