Boireannach air tuiteam 300tr

Gaoda-bheinn Image copyright Rob Farrow/Geograph

Tha boireannach san ospadal an dèidh dhi tuiteam còrr air 300tr air beinn air Eilean Arrainn Diluain.

Thuit am boireannach fhad 's a bha i a' coiseachd air Gaoda-bheinn, a' bheinn as àirde air an eilean, aig faisg air 2,900tr.

Chaidh a togail dhan ospadal ann an heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chan eil fios aig an ìre seo dè cho dona 's a bha i air a goirteachadh

Chuidich sgioba teasairgainn nam beann an fheadhainn a bha còmhla rithe sìos far na beinne.