Deasaich aig a' mhullach

Image caption Bha Cabair Fèidh ann an sunnd an aghaidh Camanachd Leòdhais.

'S iad sgiobaidhean bhon Cheann a Deas a tha aig mullach Prìomh Lìog na h-iomain às dèidh dhan seusan ùr tòiseachadh Disathairne.

Thòisich Ruairidh Dòmhnallach an seusan le brag, trì tadhal aige dha Caol Bhòid is iad a' soirbheachadh 5-3 an aghaidh a' Ghearasdain.

B'e 3-1 a bh' ann dha Camanachd an Òbain air falbh an aghaidh Ghlinn Urchadain, na tadhail a' tighinn bho Willie Neilson, Daniel Camshron is Malcolm Clark.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, chrìochnaich Ceann a' Ghiuthsaich is Loch Abar 1-1.

Bha bristeadh-dùil ann am Port Rìgh far an do chuir sneachd madainn Disathairne às dhan gheama eadar na Sgitheanaich is Lòbhat.

Siubhail

Feumaidh na Sgitheanaich feitheamh seachdain eile 'son an ciad gheama air ais sa Phrìomh Lìog is iad gus siubhail a chluiche Loch Abar.

Chaidh an geama aig dàrna sgioba an eilein air adhart ach bha bristeadh-dùil acasan cuideachd, Lòbhat a' buannachadh 1-0 nan aghaidh ann an Cill Targhlain.

Cha do thòisich an seusan ùr mar a bha Camanachd Leòdhais a' miannachadh nas motha.

Cha do ghabh na Leòdhasaich na cothroman aca ann an Srath Pheòfhair, is bha Cabair Fèidh gu math cruaidh orra aig a' cheann eile, an geama a' crìochnachadh 9-0.

Droch thoiseach-tòiseachadh dha sgioba Dhonnchaidh Mhic an t-Saoir, ach bidh laithean nas fheàrr aca anns na seachdainnean is mìosan ri teachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile