Slaic mu phlana ola

Tancair-ola Image copyright Thinkstock

Chaidh slaic a thoirt air Riaghaltas na h-Alba a thaobh phlana 'son ola a ghluasad eadar soithichean aig beul Linne Chrombaidh.

Dh'fhaodadh còrr is 8,000,000 tunna de dh'ola a bhith air a ghluasad eadar soithichean gach bliadhna.

'S iad Port Linne Chrombaigh a th' air am plana a chur air adhart, ach tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil cunnart ann dhan àrainneachd.

Tha cead aig a' bhuidhinn mar thà ola a ghluasad aig Ionad-Ola Bhàgh an Eige.

Cunnartach

A rèir luchd-iomairt, tha e nas cunnartaiche buileach seo a dhèanamh sa mhuir fhosgailte, is iomagain orra mun bhuaidh air a' chladach is àrainneachd timcheall nam faigheadh ola ma sgaoil.

'S ann le Westminster a tha cumhachd air a' ghnothach.

Tha dleasdanas aig Riaghaltas na h-Alba, ge-tà, 'son dìon na h-àrainneachd, a' gabhail a-steach cladaichean is uisgeachan na dùtcha.

Dh'iarr BP SNP na sgìre, Iain Blackford, air Riaghaltas Bhreatainn dàil a chur sa cho-dhùnadh gus an tèid beachd iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt am BPA Uaine, Iain Finnie, a bha roimhe a' riochdachadh an SNP, gun robh cothroman gu leòr aig Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs.

"Tha e a' cur iongadh orm gu bheil Riaghaltas na h-Alba air tighinn air adhart aig an ìre seo, is gu dearbh tha e na bhristeadh-dùil dhomh nach deach iad an sàs roimhe seo", thuirt Mgr Finnie.

"Dìon"

"Tha daoine an dùil gun cuir an Riaghaltas dìon orra, gun cuir iad dìon air an àrainneachd is air na dreuchdan a th' againn ann an turasdachd.

"Feumaidh mi a ràdh nach cuala sinn smid bho Riaghaltas na h-Alba aig àm nuair a tha na mìltean eile air an guthan a thogail.

"Tha e iongantach dha-rìribh gu bheil an Riaghaltas a' gluasad a-nise is a' cho-chomhairle seachad", thuirt e.

Thuirt tè-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil dleastanas laghail orra àrainneachd na h-Alba a dhìon, ach nach eil cumhachd aca a thaobh a bhith a' ceadachadh, neo a' diùltadh, ola a bhith air a ghluasad eadar soithichean.

Thuirt gu robh Rùnaire na h-Àrainneachd air iarraidh a-rithist air Riaghaltas Westminster na cumhachdan seo a thoirt seachad do Riaghaltas na h-Alba, leis gu bheil an t-iarrtas mu Linne Chrombaidh an dràsta ga sgrùdadh.

Ma dhiùltas Riaghaltas Westminster na cumhachdan seo a thoirt seachad, thuirt i gum feum iad conaltradh oifigeil a dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba mus tig iad gu co-dhùnadh mun iarrtas seo, neo iarrtas sam bith eile mu bhith a' gluasad ola eadar soithichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile