Còmhdach meatailt do Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis

Taigh Tasgaidh Inbhir Nis Image copyright Highland Council/Three Sixty Architecture
Image caption 'S e dath buidhe a bhios air a' chòmhdach ùr

Ghabh coimhairlichean Gàidhealach ri plana gus piseach a thoirt air ìomhaigh thogallaich ann an Inbhir Nis le bhith ga chòmhdachadh le meatailt.

Cosgaidh an obair air Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis £500,000 a thig a-mach à maoin de £3m a fhuaireas bho Riaghaltas Westminster.

Thèid aghaidh agus cliadhaich an togalaich a chòmhdachadh le aluminium.

Nochdaidh mapa dhen bhaile air an aluminium a bhios buidhe ann an dath.

Tha an taigh-tasgaidh, a th' air a ruith leis a' bhuidhinn High Life Highland, ann am meadhan a' bhaile ri taobh Chaisteal Inbhir Nis agus Taigh Baile Inbhir Nis.

Image copyright John Allan/Geograph
Image caption Cosgaidh an obair £500,000

Dh' ainmich Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, maoineachadh de £3m do bhaile Inbhir Nis aig coinneamh le Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh.

Tha an t-ùghdarras ionadail am beachd an còrr dhen airgead a chosg air a bhith a' leasachadh ghàraidhean Caisteal Inbhir Nis agus air sgeama wi-fi poblach saor dhan bhaile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile