£2.6m dha pròiseactan aig tuath

Seann ionad Eas Shìn Image copyright Graeme Smith / Geograph
Image caption Thèid ionad ùr a thogail aig Eas Shìn, is teine air an ionad a bh' ann a sgrios.

Fhuair trì proiseactan air a' Ghàidhealtachd còrr air £2.6m bho Mhaoin Mhòr a' Chrannchair Nàiseanta.

Chaidh £1.1m do Chompanaidh Coimhearsnachd an Ath-Leathainn agus an t-Srath san Eilean Sgitheanach.

Thèid an t-airgead a chleachdadh airson làrach campachaidh a stèidheachadh ann an coille a cheannaich a' choimhearsnachd ann an 2011.

"Tha sinn air ar dòigh", thuirt cathraiche na companaidh coimhearsnachd, Alasdair Mac a' Phearsain.

"Cnap-starra"

"Bha sinn ag obair air a' phròisieict seo fad grunn bhliadhnaichean is 's iomadh cnap-starra a bha san rathad oirnn.

"Nì seo feum dhan choimhearsnachd air fad.

"Gheibh daoine obair an seo is bidh buaidh mhath air companaidhean ionadail le luchd-turais a bharrachd san sgìre.

"Thèid prothaidean a chur air ais dhan choimhearsnachd cuideachd", thuirt e.

Caol Chataibh

Tha beagan is £1m a' dol do dh' Urras Leasachaidh Caol Chataibh.

Cleachdaidh iad an t-airgead airson ionad turasachd a thogail aig Eas Shìn.

Thèid an goireas ùr an àite an ionaid a bh' ann agus a chaidh a sgrios le teine ann an 2013.

Thuirt an t-Urras gun toir an leasachadh togail mòr dhan àite.

Obair

Tòisichidh obair air an ionad ùr cho luath sa ghabhas.

Chaidh taic-airgid còrr is £500,000 dhan bhuidhinn Home-Start East Highland.

Cuiridh iadsan an t-airgead gu feum airson teaghlaichean òga ann an taobh sear Inbhir Nis a chuideachadh.

Thug Mhaoin Mhòr a' Chrannchair Nàiseanta £8m seachad do phròiseictan air feadh na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile