Call cosnaidh aig Marine Harvest

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Marine Harvest
Fo-thiotal an deilbh,
Marine Harvest a' dearbhadh gun tèid obraichean a ghearradh

Dhearbh a' chompanaidh, Marine Harvest, gu bheil iad a' dol a' ghearradh 80 cosnadh ann an Alba.

Thèid 44 cosnadh a ghearradh ann an Loch Abar, 12 ann am Malaig, 11 's an Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse, 4 ann an Taobh Siar Rois agus 3 ann an Leòdhas.

Thèid cuideachd 2 dhreuchd a chall ann an Earra-Ghàidheal, 2 ann an Uibhist a Deas agus 2 ann an Ros Saoithe.

Tha 658 neach ag obair dhan chompanaidh aig còrr air 50 làrach air feadh na h-Alba.

Thuirt Marine Harvest gun robh iad duilich gun robh iad a' call luchd obrach sgileil, ach gun robh na gearraidhean a dhìth airson cosnaidhean a chaomhnadh 's an ùine fhada.

Aig a' cheart àm, tha dùil gun ainmich a' chompanaidh taobh a-staigh mìos an làrach b' fheàrr leotha airson factoraidh biathaidh ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh