Boireannach a dhìth an Inbhir Nis

Poilis

Tha iomairt theasargainn air bhith a' dol an Inbhir Nis feuch lorg fhaighinn air boireannach a th' air chall.

Chunnacas Aline Kuindersma, aois 40, mu dheireadh mu 6f an raoir faisg air Ospadal New Craigs sa bhaile.

Se Dùitseach a th' innte. Tha i 5'6" de dh' àirde, tapaidh, le seacaid ghorm agus sgiort fhada agus stocainnean geala. Dh' fhaodadh i bhith gun bhrògan.

Tha na poilis ag ràdh gu bheil iad air leth iomagaineach mu deidhinn.

Tha an iomairt theasargainn a' leantainn agus tha helicopter na maor-chladaich air bhith a-muigh tron oidhche.