Dùbhlan spòrs ùr an Uibhist

Boisdale

Thathar a' cur ìmpidh air lùth-chleasaichean is luchd-spòrs pàirt a ghabhail ann an tachartas spòrs ùr anns na h-Eileanan Siar as t-fhoghar.

Tha The Heb - Race on the Edge a' gabhail a-steach ruith, falbh air baidhseagal agus ann an curach faid Uibhist a Tuath, Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas.

Mairidh an rèis dà là anns an t-Sultain.

Tha 150 cilomeatar de dh' fhaid ann uile gu lèir.

Tha an fheadhainn a th' air cùl an dùbhlain ag ràdh gu bheil an cùrsa freagarrach do dhaoine a bhios a' ruith ann an rèisean tric.

Ach thuirt iad gu bheil e cuideachd freagarrach dhaibhsan nach eil cho eòlach, ach a tha fallain agus a tha deiseil is deònach.

Dùbhlan spòrs ùr an Uibhist