Coinneamh mhòr nan gearraidhean

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd gun do rinn iad a h-uile càil a ghabhadh airson buaidh nan gearraidhean air na coimhearsnachdan a chumail sìos.

Coinnichidh a' Chomhairle Diardaoin gus am buidseat a stèidheachadh, is aca ri còrr is £30m a chaomhnadh.

Thuirt ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, gu bheil fios aig an ùghdarras gum bi na gearraidhean doirbh.

Tha i ag ràdh, ge-tà, gum bu chòir dhan phobal tuigsinn gun do rinn a' bhuidheann-riaghlaidh an dìcheall seirbheisean a dhìon.

Gearan

A dh'aindeoin sin, 's iomadh duine is buidheann a tha air gearan mun bhuaidh a bhios aig na gearraidhean orra.

Cha bhi gearraidhean ann an càradh rathaidean no sailleadh rathaidean sa Gheamhradh.

Cha tig gearradh a bharrachd air àireamhan tidsearan nas motha, ged a dh'fheumas a' Chomhairle fhathast 70 dreuchd-teagaisg a chaidh aontachadh ron seo a ghearradh.

Am measg nan roinnean far am bi gearraidhean, tha foghlam sònraichte, taic do sgìrean bochda agus glanadh nan sràidean.

Àrdachadh

Thèid àrdachadh mòr a thoirt cuideachd anns na tha e a' cosg duine a thiodhlaigeadh.

Tha comhairlichean Nàiseantach ag ràdh gum feuch iad ri stad a chur air na rudan as motha a bheir buaidh air daoine bochda.

Tha a' bhuidheann-riaghlaidh, ge-tà, a'cuir a' choire air riaghaltas an SNP airson nan gearraidhean, 's gu sònraichte nach leig iad leotha airgead a thogail tron chìs-chomhairle.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile