Trioblaidean ùra dha Inverness City

Pàirc Inverness City

Tha cluba ball-coise Inverness City ann an staing a-rithist is coltas ann nach bi pàirc aca an ceartuair.

Ged a tha an cluba, a tha a' cluich aig ìre Junior, air soirbheachadh bho chaidh an stèidheachadh ann an 2006, tha trioblaidean air an cuairteachadh a thaobh an dachaidh.

Ghluais iad dha Pàirce Chruinneachaidh a Chinn a Tuath nuair a fhuair iad inbhe Junior ann an 2008.

Bha iad roimhe a' cluich ann an Ceasag a Tuath.

Cha robh a' phàirc ùr ri faotainn dhaibh fad na bliadhna, ge-tà.

Bha muinntir a' chriogaid ann an toiseach, is bha prìomhachas ann dhaibh nuair a thòisich an seusan acasan.

Chuir sin City ann an cunnart is Comann Ball-Coise Junior na h-Alba a' bagairt an cuir a-mach às an lìog.

Air a' cheann thall, b'e Comhairle na Gàidhealtachd a rinn cobhair air a' chluba, le pàirc ga stèidheachadh dhaibh ann am Pàirc a' Bhucht ann an 2013.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
A' chiad gheama aig Inverness City sa bhaile aig ìre Junior, air ais ann an 2008.

Le gnothaichean nas seasmhaiche far na pàirce, tha an cluba air èirigh dhan lìog as àirde aig ìre Junior sa cheann a tuath.

Tha e air tighinn am bàrr a-nise gum feum iad Pàirc a' Bhucht fhàgail.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do rinn iad follaiseach ann an 2012 gun tigeadh an t-aonta aca le City gu ceann ann an 2017.

Bha an t-aonta seo ann, thuirt a' Chomhairle, gus cothrom a thoirt dha Inverness City dachaidh maireannach a lorg dhaibh fhèin.

Tha City a-nise a' lorg pàirce eile.

Thuirt an cluba gu bheil cunnart mòr ann gun tèid iad à bith.

Rinn an cluba obair-leasachaidh air a' phairce is bh' aca ri feansa a chur timcheall air, rud nach do chòrd ri cuid a tha a' cleachdadh Pàirc a' Bhucht.

Bidh aig Inverness City a-nise ris an fheansa a thoirt a-nuas nuair a thig an cùmhnant aca leis a' Chomhairle gu ceann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile