Iomairt teasargainn a' leantainn air Beinn Nibheis

Tim Newton agus Raonaid Slater Image copyright Poilis na h-Alba

Tha buidhnean beaga de luchd-teasargainn air a bhith a-muigh a' coimhead airson dithis streapadairean a th' air a bhith a dhìth air Beinn Nibheis airson còrr air seachdain.

Chan fhacas Rachael Slater, 24, agus Tim Newton, 27, à Bradford, bhon chaidh iad air chall seachdain Là na Sàbaid a chaidh.

Tha an aimsir air maill a chur air an luchd-teasargainn.

Thuirt na poilis gu bheil buill de Sgioba Theasargainn Loch Abair a' dol a-mach a choimhead airson na streapadairean nuair a tha e sàbhailte sin a dhèanamh.

Cuideachdh, dh'iarr luchd-teasargainn fiosrachadh air streapeadairean eile mu na slighean a tha iad a' gabhail air Beinn Nibheis.

Tha iad ag iarraidh an fhiosrachaidh gus an tèid aca air pàirtean dhen bheinn fhàgail a-mach às an rannsachadh a tha iad fhèin a' dèanamh.