Dùil gun lean iomairt theasargainn

Tim Newton agus Raonaid Slater Image copyright Poilis na h-Alba

Tha dùil gun lean iomairt theasargainn air Beinn Neibhis a-rithist Diluain gus lorg fhaighinn air dithis shreapadairean a th' air a bhith a dhìth bho chionn còrr agus seachdain.

Chan fhacas Rachael Slater, 24, agus Tim Newton, 27, à Bradford, bhon a chaidh iad air chall seachdain Là na Sàbaid a chaidh.

Aig a' cheart àm, chaidh cobhair a dheànamh air dithis shreapadairean eile a bha dhìth air Beinn Neibhis Disathairne.

Fhuair sgioba theasargainn nam beann lorg orra feasgar na Sàbaid, 's iad a' feitheamh ann an àite-fasgaidh.