£3m sa bhliadhna "gan call"

Airgead

Tha £3m air a chall do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar gach bliadhna air sgàth ghearradh obraichean na Còmhairle, a rèir an aonaidh Unison anns na h-Eileanan.

Tha iad ag ràdh gu bheil buaidh nas fharsainne aig call obraichean air gnìomhachasan nan eilean seach air seirbheisean na Comhairle a-mhàin.

Ri linn ghearraidhean £1.5m a dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo, mar phàirt de ghearradh de £8.5m uile gu leir, tha obraichean ann an cunnart.

Tha roinn Unison sna h-Eileanan Siar ag ràdh gu bheil luchd-obrach na Comhairle a' cosg mu 70sg san Not den cuid pàighidh ann am bùithdean sna h-Eileanan.

Tha an t-aonadh ag ràdh, ri linn sin, gun caill eaconamaidh nan eilean £3m sa bhliadhna.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad mothachail air cho cudromach 's a tha obraichean san roinn phoblaich dha na h-Eileanan agus gu bheil iad air seachnadh a bhith a' cur dhaoine às an obraichean an aghaidh an toil.

Ach thuirt iad le buidseat a th' air a bhith a' crìonadh airson sia bliadhnaichean, gu bheil e do-dhèanta nach bi buaidh air obraichean agus seirbheisean.