Taigh-Spadaidh ga ghlèidheadh

Taigh-spadaidh Image copyright PA

Chaidh Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh a shàbhaladh 'son co-dhiù bliadhna.

Bha a dhùnadh air liosta nan rudan a ghabhas gearradh le Comhairle nan Eilean Siar gus airgead a chùmhnadh.

Ach ghabh comhairlichean ri moladh gun tèid cosgaisean luchd-cleachdaidh an taigh-spadaidh an-àirde an àite a dhùnadh.

Chan eil ach aon taigh-spadaidh ann an Leòdhas is na Hearadh.

Cuideachd thèid buidheann a chur air chois airson coimhead air an gabh an goireas cumail fosgailte san ùine fhada.

"'S e rud a tha seo a dh'fheumas a bhith air a chumail fosgailte," thuirt an Comh. Dòmhnall Cudaig MacLeòid.

"Agus tha mi an dòchas nuair a thèid a' bhuidheann a chur ri chèile a tha a' dol a choimhead ris na dòighean airson airgead a shàbhaladh, nach bi an t-àrdachadh a thig air an luchd-cleachdaidh ach gu math beag.

"Nan deadh a dhùnadh 's e ceum mòr mòr air ais a bhiodh ann dha luchd-stuic agus croitearan," thuirt e.