Cluba-goilf Steòrnabhaigh air gèarr-liosta

Raon Goilf Steòrnabhaigh

Chaidh Cluba-goilf Steòrnabhaigh a chur air geàrr-liosta airson a' chluba-òigridh as fheàrr an Alba am-bliadhna.

Tha Steòrnabhagh am measg ceithir clubaichean a bhios a' strì airson na duais airson 2015/2016.

Thèid iad an aghaidh Acadamaidh Òigridh Shiorrachd Lannraig a Tuath, Peebles agus Prestonfield.

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig Duaisean Goilf na h-Alba ann an Dùn Èideann air 11mh am Màrt am-bliadhna.

Tha an duais òigridh ga toirt do chluba a th' air a bhith soirbheachail ann a bhith a' brosnachadh dhaoine òga gus golf a thòiseachadh, agus a th' air ceangal a dhèanamh leis a' choimhearsnachd aca.

'S iad Cluba Peebles a bhuannaich an duais de £1,500 an-uiridh, ach tha £500 air a ghealltainn do gach cluba a th' air a' gheàrr-liosta.

Bidh ainmean mòra ann an saoghal a' ghoilf an làthair, le Catriona Matthew a' togail duais airson na rinn i dhan spòrs fad ùine fhada, a thuilleadh air leithid Russell Knox agus Colin Montgomerie a bhios a' strì airson duais Chluicheadair na Bliadhna.