Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha aithrisean ann à Siria gun deach dà ospadal ann an sgìre Idlib a bhualadh ann an ionnsaighean bhon adhair, agus gun deach mòran de na h-euslaintich a mharbhadh. Agus tha an Tuirc ag ràdh gur e an Ruis a thug ionnsaigh eile air ospadal agus sgoil ann am baile Azaz ann an ceann a tuath Shiria anns an deach 14 duine a mharbhadh.

HSBC

Chuir Roinn an Ionmhais fàilte air dearbhadh gu bheilam banca as motha san Roinn Eòrpa HSBC a' cumail am prìomh oifis ann an Lunnainn an dèidh dhaibh a bhith a' beachdachadh air gluasad gu Hong Kong. Thuirt HSBC gur ann am Breatainn a tha an siostam riaghlaidh as fheàrr agus as freagarraich air buidhinn a tha an sàs ann an ionmhas air feadh an t-saoghail.

Bancaireachd

Thuirt an duine a bha os cionn an rannsachaidh air siostam nam bancaichean ann am Breatainn nach eil planaichean Bhanca Shasainn airson tubaist eile a sheachnadh a' dol fada gu leòr. Thuirt Sir John Vickers gum feum bancaichean barrachd airgid a chur an dàrna taobh gus am bi iad air chomas seasamh ri èiginn eile seach a bhith ag iarraidh taic an sporain phoblaich.

Tionnsgalachd

Bidh fiosrachadh aig Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-diugh mu thaic do thionnsgalachd na h-Alba. Tha ionad ùr airson sàr-mhaitheas, agus acadamaidh sgilean anns a' phlana a tha ag amas air ceanglaichean a bhrosnachadh eadar sgoiltean foghlaim agus gnìomhachas.

Stàilinn

Tha luchd-obrach na stàilinne ann am Breatainn am measg na th' aig caismeachd mhòir anns a' Bhruiseil an-diugh 's iad ag iarraidh air an Aonadh Eòrpach gnìomhachas stàilinne na h-Èorpa a dhìon an aghaidh farpais à Sìona. Tha riochdairean ann bho 15 de na dùthchannan Eòrpach.

Glaschu

Chuir pàrantan ann an Glaschu litir gu Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, a' gearain gun deach àite ann am foghlam Gàidhlig anns a' bhaile a dhiùltadh do 18 leanabh. Thuirt Cathraiche Comhairle nam Pàrant aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Dùghlas Moireasdan, gum feum ro-innleachd cheart a bhith ann airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Cha tàinig freagairt fhathast bho chomhairle a' bhaile.

Seirbheisean Rèile

Bidh seirbheisean rèile a' chosta an iar a' tilleadh dhan àbhaist Diluain, agus drochaid Lamington ann an ceann a deas Shiorrachd Lannraig a' fosgladh às ùr an dèidh a càradh. Theab an drochaid, air Abhainn Chluaidh, tuiteam an dèidh a droch mhilleadh ann an stoirm aig àm na Bliadhna Ùire.