"Fìor-dhroch bhuaidh" à dùnadh taigh-spadaidh
- Air fhoillseachadh

Chuala comataidh de Chomhairle nan Eilean Siar gum biodh fìor-dhroch bhuaidh air croitearachd san sgìre nan dùineadh Taigh-Spadaidh Stèornabhaigh.
Tha moladh mu choinneimh an ùghdarrais an-dràsta gun gabhadh £10,000 a shàbhaladh nan deadh prìsean spadaidh a chur suas agus nan deadh seusan an taighe-spadaidh a ghiorrachadh.
Nan dùineadh e buileach ge-tà, bhiodh £30,000 not ga chùmhnadh.
A dh'aindheoin sin, tha an Comh. Dòmhnall Cudig MacLeòid a' smaoineachadh gur e fìor-cheum air ais a bhiodh ann sin a dhèanamh.
Daoine òga
"A rèir mar a bha sinne a' dèanamh a-mach an-diugh, tha tòrr dhaoine an aghaidh an taigh-spadaidh a bhith air a dhùnadh," thuirt e.
"'Son tha e a' dol a thoirt buaidh air tòrr dhaoine a tha a' cleachdadh an taighe-spadaidh.
"Le sin tha e a' toirt atharrachaidh mhòir air dè tha daoine gu bhith a' dèanamh leis an stoc aca.
"Eil stoc gu bhith aca? 'S dè tha iad a' dol a dhèanamh leis an stoc sin?
"Cuimhnich chan eil againn ach aon taigh-spadaidh ann an Leòdhas is na Hearadh.
"Ach tha mi misneachail nach tèid a dhùnadh am-bliadhna, agus gum faigh sinn dòigh air adhart airson a chumail fosgailte.
"Fhuair sinn naidheachd mhath an t-seachdain seo mar thà, bhon Phàrlamaid an Dùn Èideann, gu bheil iad a' cur an àirde an airgid a gheibh croitearan airson taighean a thogail.
"Tha sin a' toirt misneachd dhuinn gum fuirich daoine òga air an eilean, agus gun tog iad taighean-croite.
"Ach feumaidh iad còig bliadhna de phlana a chur a-steach airson an t-airgead sin fhaighinn.
"Bidh sin ag innse gum feum iad stoc a bhith aca, agus mura bheil càil ann a gheibh iadsan air a dhèanamh leis an stoc air an eilean, 's dòcha nach bi iad airson sin a dhèanamh.
Hydatid
"Tha e ceangailte ri bhith a' cumail dhaoine air an eilean," thuirt e.
Chan eil an taigh-spadaidh a' dèanamh prothaid mhòir, agus bidh a' Chomhairle ga ruith air chosgais.
"Chan eil mise a' faicinn gu bheil duine ann a ghabhas a-nall e gu prìobhaideach," thuirt Mgr MacLeòid.
"Airson tha e fèadhair a' dèanamh airgid. Tha e a' dèanamh rud beag.
"Ach tha mi a' smaoineachadh le "tweek" no dhà an siud 's an seo gun gabhadh a dhèanamh nas prothaidiche, agus gun gabhadh a ruith ann an dòigh eadar-dhealaichte.
"Feumaidh sinn a chumail.
"Ma dhùineas seo, tha sinn a' dol air ais dha na làithean far am bi na duisichean tarsainn nan creagan, anns na puill-mhònach.
"An e sin a tha daoine ag iarraidh a dhol air ais thuige? Hydatid, agus a h-uile càil a tha a' dol timcheall le faighinn air falbh leis an sgudal a tha beathaichean marbh a' dèanamh," thuirt e.