Taic 'son ionad-coimhearsnachd an t-Òib

Sgoil an t-Òib Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Chuir a' mhòr-chuid a bha an làthair aig coinneimh anns an t-Òb, sna Hearadh, Dimàirt an taic ri planaichean 'son ionad-coimhearsnachd a dhèanamh à fear de thogalaichean-sgoile a' bhaile.

Tha Sgoil an t-Òib, mar a tha i an-dràsta ann an dà thogalach ri taobh a chèile.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd aon de na togalaichean a leasachadh, airson agus gun gabh e an sgoil air fad.

Fo na molaidhean aca, bhiodh an togalach eile air a leagail.

Tha buidheann-stiùiridh san sgìre 'son stad a chur air seo is iad ag ràdh gum faodadh an togalach a bhith na dhachaigh dhan a h-uile seòrsa goireas.

Chaidh Buidheann-Stiùiridh Sgoil an t-Òib a chruthchadh bho chionn ceithir mìosan agus dragh ann gun deadh aon de na togalaichean aig an sgoil a leagail.

Toglaichean-sgoile

Chan eil an sgoil a' dùnadh, ach tha a' Chomhairle airson gearradh sìos bho dhà thogalach gu aonan.

Tha oifigearan ag ràdh gun cosgadh e £400,000 cur às dhan togalach.

Ach tha Buidheann-Stiùiridh Sgoil an t-Òib ag ràdh gu bheil dòigh nas fheàrr ann gus feum a dhèanamh dhith.

Chaidh planaichean na buidhne a chur fa chomhair sluaigh mhòir aig coinneimh sa bhaile Dimàirt.

Taic

Bha 73 duine an làthair agus thuirt 64 gun cuireadh iad taic ris na planaichean.

Tha a' bhuidheann airson Comann Eachdraidh a chur dhan togalach, còmhla ri cafaidh, gym agus bùth chathrannais, am measg rudan eile.

Tha iad an dòchas cuideachd gum bi cothroman ionnsachaidh ann dha na sgoilearan agus gun toir an t-ionad cosnadh do dhaoine aig a' cheann thall.

Tha chun 18mh an Gearran aig a' bhuidhinn plana gnìomhachais a chur chun na Comhairle, agus bu chòir gum faigh iad a-mach am faigh iad an togalach an dèidh sin.