Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghearmailt

Chaidh ochdnar a mharbhadh agus mu 150 eile a ghoirteachadh ann an tubaist eadar dà thrèana ann am Bavaria ann an ceann a deas na Gearmailt. Chaidh na h-uimhir de na carbadan far na rèile, agus tha obair-theasairginn mhòr a' dol air adhart faisg air baile Rosenheim, mu 40 mìle deas air Munich, agus faisg air a' chrìch ris an Ostair.

Cìs na Comhairle

'S ann an-diugh a dh'fheumas ùghdarrasan ionadail na h-Alba co-dhùnadh a bheil iad a' gabhail ris an airgead a tha Riaghaltas na h-Alba a' tabhann orra. Ma ghabhas iad ris fuirichidh a' chìs chomhairle aig an aon ìre airson na naoidheamh bliadhna aig an 32 chomhairle a th' ann an Alba. Tha COSLA - a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan ionadail - ag ràdh gu bheil luach £350m de ghearraidhean ro na comhairlean, agus gum faodadh cuid dhiubh tagradh laghail a thogail fhathast. Thuirt Ceannard an Ionmhais aig Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Fernie, gum bi iad a' gabhail ri tairgse an Riaghaltais leis nach eil roghainn eile aca. Ach thuirt e gun tig fìor dhroch bhuaidh às na gearraidhean.

Na Làbaraich

Tha caibineat nan Làbarach a' coinneachadh an-dràsta, ged nach eil fios a bheil iad a' bruidhinn air siostam dìon niuclasach Trident, a tha a' dèanamh cunnart air sgaradh anns a' phàrtaidh. Bha àimhreit aig coinneimh de Bhuill-Phàrlamaid Làbarach a bha a' deasbad na cùise an-raoir, agus thuirt Rùnaire Dùthcha nan Làbarach, Andy Burnham, an-diugh, gur dòcha gum bi e do-dhèante dhaibh aonta a dhèanamh air a' chùis.

An Tuirc

Thàinig rabhadh às an Tuirc gum faodadh gu bheil ceudan mhìltean à Siria air an t-slighe dhan Tuirc, agus iad a' teicheadh bhon t-sabaid ann an Aleppo. Tha na mìltean mòra a' campachadh mar thà air na crìochan eadar an dà dhùthaich.

Bàta-slaodaidh

Tha strì às ùr ann airson bàta-slaodaidh dhan Chuan Sgìth a-rithist. An-dràsta chan eil ann ach aon tug a tha stèidhichte ann an Arcaibh, agus tha an cùmhnant sin a' sguir an ceann dà mhìos. Coinnichidh ceannardan comhairle ri Buidhinn nam Maor-Cladaich a-màireach 's iad ag iarraidh tug Arcaibh a chumail, agus tè eile a-rithist anns a' Chuan Sgìth.

Andy Moireach

Rugadh nighean bheag do dh'Andy Moireach agus a bhean Kim oidhche na Sàbaid. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, am measg na chuir meala-naidheachd orra anns na meadhanan sòisealta, 's tha dùil ri brath oifigeil an-diugh fhathast.