Tubaist 9 carbad air an A9

Bha naoi carbadan an sàs ann an tubaist air an A9 air Ghàidhealtachd.

Thachair an tubaist goirid ro 09:00m faisg air ceann-rathaid Bun Lòchaidh san Eilean Dubh.

Chaidh an rathad a dhùnadh a' dol gu deas.

Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal, ach thuirt na Poilis nach robhas den bheachd gun deach duine a ghoirteachadh gu cunnart am beatha.

Thuirt na Poilis gum bu chòir a bhith an dùil ri maill.

Ri linn tubaiste eile, chaidh an A96 cuideachd a' dùnadh greis aig Deilgnidh, faisg air Inbhir Narann madainn Diluain.