Ùghdarras Eileanach ùr?

Tràigh Bhì, Tiriodh Image copyright Irvine Smith/Geograph

Tha Comhairle Choimhearsnachd Thiriodh ag ràdh gum bu chòir beachdachadh air ùghdarras ionadail ùr a chruthachadh do na h-eileanan air fad air a' chosta an iar.

Nochd am beachd san fhreagairt aca air Bile nan Eilean.

A rèir na comhairle coimhearsnachd, tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ro mhòr mar a tha i, agus bhiodh tuigse nas fheàrr air cùisean nan robh iad ann an ùghdarras eileanach.

Tha Tiriodh mu cheithir uairean de thìde thar an aiseig bho Thìr Mòr, ach 's ann air Tìr Mòr a tha a' Chomhairle stèidhichte, agus chan eil comhairliche air a bhith stèidhichte san eilean o chionn ghreis a-niste.

Gnothaichean Eileanach

'S ann am Muile a tha an comhairliche as fhaisge orra.

Ged a tha 23 eileanan le sluagh ann an sgìre Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha na Tirisdich a' faicinn na comhairle mar ùghdarras Tìr Mòr, agus iad ag ràdh nach eil an t-eilean aca a' faighinn nam buannachdan a tha coimhearsnachdan eile.

"Tha àiteachan leithid Tiriodh, Colla agus Colbhasa dha-rìribh air iomall sgìre an ùghdarrais," thuirt Iain MacIllÌosa, bho Chomhairle Coimhearsnachd Thiriodh.

"Tha sinn a' faireachdainn aig amannan gu bheil a' Chomhairle gar fàgail an sin, nach eil iad a' toirt feart dhuinn.

"Sin fear de na draghan a th' oirnn. Nuair a dh'fheuchas sinn ri ar guth a thogail, thèid a chall am measg an deilbh as motha sa bheil Baile Eilidh, Dùn Omhain, Baile Bhòid, an t-Òban 's na h-àiteachan seo uile a tha nas motha na sinne.

"Nach eil sinne ach a-muigh air an iomall," thuirt e.

Am measg na mhol na Tirisdich don Riaghaltas a thaobh Bile nan Eilean, tha gum biodh barrachd smachd aig na h-eileanan air na gnothaichean a tha a' tachairt sna h-eileanan agus timcheall nan cladaichean.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum bu chòir gum bi cuideigin bho eileanan Earra-Ghàidheal air bùird bhuidhnean leithid CMAL a tha a' toirt buaidh mhòir air beatha nan eilean.

A thuilleadh air sin ge-tà, thuirt iad gu bheil a thìde aig eileanan Earra-Ghàidheal tighinn air falbh bho sgìre Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, a' tighinn fo ùghdarras ùr dha na h-eileanan far a' chosta an iar air fad.

"'S e sin an "dealbh mòr" a th' againn. Gum biomaid nar pàirt de dh'ùghdarras eileanan a' chosta an iar," thuirt Mgr MacIllÌosa.

"An uair sin tha thu a' bruidhinn mu dheidhinn nan eilean uile far chosta an iar na h-Alba.

"Nuair a bhiodh poileasaidh sam bith fan comhair, cha bhiodh ach cuspairean eileanach fan comhair.

"Cha bhiodh duilgheadasan nam bailtean mòra air Tìr Mòr ri dheasbad ann," thuirt e.

"Ro Mhòr, Ro Fhad Às"

Chan e beachd ùr a th' ann. Dh'fhaighnich na Tirisdich am biodh cead aca a dhol an lùib Chomhairle nan Eilean Siar o chionn 20 bliadhna nuair a chaidh Earra-Ghàidheal is Bòd a stèidheachadh, an dèidh dhaibh a bhith mar phàirt de Roinn Srath Chluaidh.

Tha BPA na sgìre, Mìcheal Russell, a' toirt taic don bheachd.

"Tha mise a' creidsinn ann an ath-leasachadh air riaghaltas ionadail. Saoilidh mi gu bheil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ro mhòr 's ro fhada air falbh - gu h-àraid bho na h-eileanan," thuirt e.

"Feumaidh sinn faighneachd dè an ath-cheum.

"Tha e glè iomchaidh an seo ann an Ìle, an Tiriodh is Muile, a ràdh, "am bu chòir ùghdarras a bhith againn anns nach eil each na h-eileanan? No am bu chòir dhuinn Earra-Ghàidheal is Bòd a bhriseadh sìos na phàirtean nas bige - fear dhiubh sin a bhiodh gu ìre mhòr na sgìre eileanach?"

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur air dòigh conneimh an ath-mhìos, far an tig riochdairean bho na h-eileanan air fad còmhla a bhruidhinn mun bhile.