Marine Harvest a' gearradh 87 cosnadh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Thinkstock

Caillidh 87 neach an cosnadh aig a' chompanaidh àraich èisg Marine Harvest ro dheireadh na mìos.

Tha an luchd-obrach a' feitheamh fios cò a thèid a leigeil dheth - ach tha e coltach gum bi a' chuid as motha de na cosnaidhean co-cheangailte ri giollachd agus tuathanasan aig muir.

Leig Marine Harvest fios dhan luchd-obrach aca air an 21mh den Fhaoilleach gum biodh suas ri ceud aca a' call an cosnaidh.

An t-seachdain seo chaidh, chaidh innse dhaibh dè na roinnean den chompanaidh air an toir seo buaidh.

Roinnean

Thèid 31 cosnadh a chall a thaobh giollachd èisg, 33 anns na tuathanasan èisg aig muir, ceithir anns na tuathanasan a tha stèidhichte air lochan agus 19 bhon luchd-obrach taice a tha an urra ri innleadaireachd is eile.

Leis gun deach gealltanas a thoirt do chomhairlichean ann an Fìobha nach deadh obraichean a chall anns an fhactaraidh ghiollachd ann an Ros Saoithe, tha sin a' togail cheist mun fhactaraidh ghiollachd anns a' Ghearasdan.

Dhiùlt an luchd-obrach gabhail ri gearradh ann am pàigheadh, agus uairean nas giorra mar phàirt de dh'oidhirp airson obraichean a shàbhaladh.