Ullachadh airson fògarraich à Siria

Fògarraich ann an Siria

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' dèanamh an ullachaidh mu dheireadh aca mus cuir iad fàilte air dà theaghlach à Siria gu na h-Eileanan an Iar anns a' Ghiblean.

Thuirt iad gun gabh iad barrachd theaghlaichean tro ùine, ach gur e seo a' chiad cheum sa phròiseas sin.

Thathas an-dràsta a' dèanamh cinnteach gu bheil goireasan ceart aca airson a h-uile cothrom a thoirt dha na teaghlaichean soirbheachadh.

Tha Stiùiriche Sheirbhisean Sòisealta agus Coimhearsnachd na Comhairle, Iain MacAmhlaigh, ag ràdh gu bheil tòrr ri ionnsachadh mu dheidhinn nan daoine a tha a' tighinn.

"Bidh a' chiad dà theaghlach stèidhichte faisg air Steòrnabhagh fhèin, agus bidh sinn an uair sin ag ionnsachadh mar a tha na seirbhisean againn ag obair leotha," thuirt e.

"Às dèidh sin, bidh sinn a' coimhead nas fharsainge air na h-Eileanan, agus mar a dh'fhaodadh 's dòcha teaghlaichean eile a dhol a-mach air an dùthaich."

Ceistean

Tha ceistean gan togail ge-tà, mu mar as urrainn dhan Chomhairle taic a thoirt dha na fògarraich, nuair a tha cuideam air buidseatan.

Gheibh a' Chomhairle taic-airgid bhon Riaghaltas airson taic a chumail ris na teaghlaichean fad còig bliadhna.

Tha Mgr MacAmhlaigh ag ràdh gum feumar cuimhneachadh carson a tha na teaghlaichean seo a' tighinn gu na h-Eileanan.

"'S e suidheachadh 'humanitarian' a tha seo agus tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi na h-Eileanan an Iar deiseil air an son," thuirt e.

"Tha sinn an dòchas nuair a tha an t-airgead bhon Riaghaltas a' tighinn gu ceann, gum bi na teaghlaichean sin ag obair, le clann san sgoil, agus nach bi feum air an taic idir."

Tha a' Comhairle an dòchas dachaighean a thoirt do suas ri sia teaghlaichean uile gu lèir, agus tha iad air cothrom a thoirt air duilleig-aghaidh làrach-lìn na Comhairle do dhuine sam bith a tha ag iarraidh cuideachadh sam bith a thoirt dha na fògarraich.