Learagach Ratharsair ga leagail

Coille Ratharsair Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Thathas air tòiseachadh a' leagail 30 heactair de choille learaige an dèidh mar a chaidh an galar Phytophthora Ramorum a lorg innte.

A thuilleadh air sin, thathas a' cur às do gach preas Rhododendron anns an eilean, agus iad sin cuideachd comasach air Phytophthora a ghiùlain.

Chaidh an galar a lorg san learagach an-uiridh, a' fàgail gum feumar a h-uile craobh taobh a-staigh co-dhiù 250 meatar bhon chraoibh san deach an galar a lorg a leagail.

Airson a dhèanamh gu h-eaconamach, thèid pìos mòr den choille, faisg air Inbhir Àrois, a leagail.

Croitean ùra

Thèid craobhan ùra a chur sa choillidh anns na bliadhnaichean ri teachd, leis a' choimhearsnachd fhèin a' co-dhùnadh dè an seòrsa.

Mairidh an obair gu deireadh na mìos, le dùil gum fosgail e àiteachan far an robh rhododendron a' cur bacadh air luasan eile fhàs.

Thèid tòiseachadh air craobhan a chur às ùr am-bliadhna, ach thèid pìosan fhàgail bàn airson suas ri còig bliadhna, gus leigeil leis na spòran den ghalar a tha fhathast san talamh bàsachadh.

Nochd muinntir an àite dragh gun deadh sprùilleach fhàgail air an talamh an dèidh do na craobhan a bhith air an leagail.

Thuirt Coimisean na Coilltearachd gun dèanadh iad cinnteach nach ann mar sin a bhios.

Thèid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh sa chòrr den choille am-bliadhna a dhèanamh cinnteach nach eil an galar air sgapadh.

Bu thoil leis a' choimhearsnachd a' choille a cheannach, ach feumaidh iad feitheamh a-niste gus an tèid dearbhadh nach eil an galar ann.

Image copyright Christine Park/Geograph
Image caption Thèid gach rhododendron san eilean, leithid an fheadhainn timcheall air Loch a' Mhuilinn, a leagail cuideachd.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil e doirbh do Choimisean na Coilltearachd airgead a dhèanamh às a' choille leis a' mhodal ghnothachais a th' aca," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Ratharsair, Lloyd Gudgeon.

"Mar sin, tha modal gnothachais gu math nas ionadaile againne, a ghabhas a-steach croitean ùra - agus nan cois taigheadas air prìs reusanta do theaghlaichean òga, daoine a' tighinn a dh'fhuireach an Ratharsair, no daoine òga a' fuireach san eilean.

"Tha sinn airson sgeama haidhdro beag a thogail a chruthaicheadh beagan dealain, gu leòr airson teachd-a-steach a thoirt don choimhearsnachd.

Feum

"Tha sinn cuideachd a' coimhead ri luach cur-seachad na coille a leudachadh, feuch daoine a bharrachd a thàladh a choiseachd innte, leithid sin.

"Dh'iarramaid fhathast sin a dhèanamh nan ceannaicheamaid a' choille air a' cheann thall, a dh'aindeoin a' ghalair," thuirt e.

"Tha feadhainn ag iarraidh a' choille a chur air ais caran mar a bha," thuirt John Willie MacIllÌosa, a tha a' fuireach san eilean.

"Ach gu leòr eile ag iarraidh gum biodh e na àite barrachd airson luchd-turais dhan eilean, gum faigh iad air a bhith a' coiseachd cheumannan ann 's dòcha.

"Craobhan nàdarrach a chur ann cuideachd.

"Ach 's i a' cheist a th' ann a-rithist, dè am feum a nì sinn de na craobhan?

"Ma chuireas tu craobhan an-dràsta, an t-seòrsa mar a chìtheadh tu anns gach àite, a bheil feum orra anns an eilean?

"Tha feum orra an-dràsta ceart gu leòr, ach am bi feum orra ann am bliadhnaichean ri tighinn?" thuirt e.